Freumhaichean
'S e ospadal fiabhrais a bh' anns an Tuireann aig aon àm. An-diugh tha e na ionad taisbeanaidh adhartach do na h-ealain lèirsinneach. Nar suidheachadh eileanach air a' chost an iar, le beartas cainnte na Gàidhlig is iomadachd dualchais ceithir thimcheall, tha spiorad an latha ga chur an cèill ann an dlùth-cheangal ris an t-saoghal mhòr.
Lèirsinn
Tha sinn nar n-ionad a leigeas do luchd-ealain a bhith cruthachail, a bhrosnaicheas obair leasachaidh nan ealain, a thaitneas air luchd-èisteachd is a tha a' dèanamh obair sa choimhearsnachd. Cuiridh sinn obair-ealain cho-aimsireil fa chomhair an t-sluaigh is thèid sinn thar chrìochan ann a bhith a' seachnadh 'obair-ealain shàbhailte' is ag amas air obair a tha dùbhlanach is annasach.
Gnìomhan
Tha prògram thaisbeanaidhan is thachartasan de dh'fhìor dheagh ghnè ga chur air adhart leinn.
Tha sinn a' brosnachadh luchd-ealain tro cheanglaichean eadar-nàiseanta, tro chothroman obrach air iomlaid is tro bhith gam fastadh gus obair ùr a thoirt a-mach.
Tha sinn a' cruthachadh phròiseactan adhartach ruigsinneach.
Tha iomadh gnè ealain is meadhanan ùra ag obair an lùib a chèile.
Tha biadh againn a tha math fhèin!