SKYE THROUGH OUR EYES
SKYE THROUGH OUR EYES
Fosgailte do dh'inbheach sam bith san sgìre aig a bheil duilgheadas ionnsachaidh de sheòrsa air choreigin. Bidh fàilte romhaibh ann an tachartasan ealain, obair chamara is bhideo, dealbhadh grafaigeach no sgrìobhadh cruthachail.
Faigh a-mach dè tha dol, cuin is càite (An Ceann a Tuath - Port Rìgh; An Ceann a Deas is Loch Aillse - Caol Àcain).
Leigibh fios gu Kath NicLeòid
Fòn: 01478 61 3306
Post-d: education@antuireann.org.uk
An Dealbh Mòr
'S e pròiseact ealain, dà-chànanach (Gàidhlig is Beurla) a tha a'
Dèanamh obair a' moladh cruth-tìre ceann a deas an Eilein Sgitheanaich a th'anns An Dealbh Mhòr.
Cò th' ann an Lasair Ealain?
'S e comataidh de chlann à Bunsgoil Shlèite a th' annainn aig a bheil
bun-reachd. 'S e sinn fhìn a tha a' ruith An Dealbh Mòr còmhla ri
sgioba luchd-ealain a tha gar cuideachadh is gar stiùireadh.
Anns an ùine-fhada tha sinn ag amas air pròiseactan ealain ùr-ghnàthach is beòthail a chur air dòigh còmhla ri luchd-ealain proifeiseanta à taobhan eadar-dhealaichte de shaoghal nan ealan.
Na rudan a tha sinn air dèanamh mar-thà
Eadar An Giblean is An Damhair 2005, chaidh sinn a-mach a h-uile
seachdain
timcheall na sgìre còmhla ri Julie Brook is Kath NicLeòid (Gàidhlig, An Tuireann) no Sarah Nic an t-Saoir (Gàidhlig) airson dealbhan a tharraing de chruth na tire nar leabhraichean. An uair sin, thilleamaid dhan sgoil far an dèanamaid
dealbhan mòra (A1 ann am meud) a' cleachdadh gual-fiodha.
Nuair a bha sinn air fàs math air seo, thòisich sinn a' cleachdadh
dathan-uisgeach an dà rud nar leabhraichean agus air a' phàipear A1 gus am b' urrainn dhuinn ar n-ullachadh fhìn airson an deilbh a bhiodh fada na bu mhotha.
Nochd mòran de na dealbhan seo aig taisbeanadh eadar-amail a bha gu
Math soirbheachail anns An Tuireann ann am Port Rìgh.
Chùm Lasair Ealain bùth-obrach gus am b' urrainn dhuinn teagasg na bha sinn air ionnsachadh dhan t-sluagh. Thug sinn a-mach air an dùthaich iad airson dealbhan a tharraing. Tha daoine air faighneachd dhinn an dèan sinn seo a-rithist air sgàth cho math's bha e!
Aig toiseach na Samhna, rinn sinn dealbh glè mhòr (3m le 5m) a'
Cleachdadh gual-fiodha. A' cleachdadh ar leabhraichean, thug sinn a-steach ceann a deas an eilein gu lèir - na h-àiteachan uile air an do thadhail sinn.
Às dèidh sin, bha sinn ag obair air An Dealbh Mòr fhèin! Airson trì
Làithean gach seachdain bha sinn ag obair ann an talla na sgoile air. Le 14m a dh'fhad is 9m a leud, bha e na bu mhotha nan talla fhèin!
Na rudan a tha sinn a' dèanamh a-nis
Eadar an Dubhlachd agus toiseach a' Mhàirt bha sinn ag obair còmhla ris an neach-sgrìobhaidh chiùil againn, Piers Hellawell, an stiùiriche carachaidh againn, Clare Pencak, agus an luchd-ealain eile. Bha seo gu math inntinneach is spòrsail agus bha e gar cuideachadh air sgàth 's gun robh sinn a' faicinn mar a bhios an taisbeanadh beò againn.
Taisbeanadh beò is Taisbeanadh Suidhichte
Aig toiseach a' Mhàirt thèid An Dealbh Mòr a chur air làr san t-seòmar
bhìdhe aig Sabhal Mòr Ostaig, a' Cholaiste Ghàidhlig san Eilean
Sgitheanach
(an ath-dhoras dhan sgoil againn!)
Bha sinn a' dannsa is a' cluich ciùil air leis an luchd-amhairc os ar
cionn a' coimhead sìos oirnn.Bha an taisbeanadh beò a' coimhead air
mean-fhàs geòlach an Eilein Sgitheanaich. (Tha seo a' toirt leisgeul fìor mhath
dhuinn a bhith a' sealltainn dhuibh nan spreadhaidhean bholcànach a chruthaich An Cuilthionn!)
Bidh na dealbhan a tharraing sinn san ullachadh agus an dealbh mòr
gual-fiodha ann cuideachd ann an taisbeanadh suidhichte le dealbhan a
chaidh a thogail agus fiolm a chaidh a chlàradh fhad 's a bha an obair ga
toirt gu buil.
Na Taisbeanaidhean
Am Màrt - Taisbeanaidhean beò, 10mh, 11mh, 17mh agus 18mh den Mhàrt.
10mh Am Màrt - 19mh An Cèitean - Taisbeanadh suidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach.
An t-àm ri teachd
Tha dùil againn gun toir sinn an taisbeanadh suidhichte, fiolm den
phròiseact agus an taisbeanadh beò fhèin timcheall na dùthcha ann an
2006 /
2007 mar phàirt de bhliadhna chultair na Ghaidhealtachd.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu:
Lasair Ealain no Catrìona NicLeoid (An Tuireann, Ionad Ealain, Port Rìgh)
Fòn: 01478 61 3306
Post-d: education@antuireann.org.uk
Thàinig airgead airson a' phròiseict seo bho: European Union under the
Western Isles, Skye and Lochalsh LEADER+ Programme agus Comhairle
Ealain na h-Alba (The Scottish Arts Council).
Luchd-maoineachaidh eile: An Tuireann; Bòrd na Gàidhlig; Cànan, Comann
na
Gàidhlig; Determined to Succeed,
Fearann Eilean Iarmain, Sabhal Mòr Ostaig, SEALL Arts,Iomart An Eilean Sgitheanaich&Loch Aillse, Tosg, West
Highland
Heavy Horses; Young Films.
TNT
"An dèan luchd-ealain peantadh gun ego?"
'S e cèistean den t-seòrsa sin a tha buidheann òigridh às an Eilean Sgitheanach air a bhith a' cnuasachadh is iad a' measadh prògram caochlaideach thaisbeanaidhean an Tuireinn. Tha a' bhuidheann (air a bheil TNT) air làrach-lìn dhà-chànanach a thogail (Gàidhlig is Beurla) lem beachdan fhèin air ealain an latha an-diugh is an ceangal a tha e a' dèanamh rim beatha fhèin.
Thoiribh sùil
ceangal ri www.ealan-og.co.uk