Bàrdachd
Various
(2007)
Cnàmhan na Cùise: trì guthan - bàrdachd ùr
26 an t-Ògmhios, 7.30f
Bidh an t-Àrd-Ollamh Susan Tichy, Maoilios Caimbeul agus Meg Bateman a' leughadh aig an Tuireann ann an tachartas sònraichte air an 26mh latha den Ògmhios. Tha Susan na h-Àrd-Ollamh air Prògram Sgrìobhaidh an Luchd-Cheuma, an Graduate Writing Program, ann an Roinn Bheurla Oilthigh George Mason anns na Stàitean. Bidh i a' leughadh earrannan às an leabhar ùr aice, Bone Pagoda: cruinneachadh de dhàin air an do thòisich i is i an Alba beagan bhliadhnaichean air ais. Tha an leughadh aig Susan a' comharrachadh dhi fhèin a bhith a' tilleadh - dhan neach-èisteachd, seo cothrom air bàrd o thaobh thall a' Chuain a chluinntinn a' leughadh gun an sgìre fhàgail.
Tha Bone Pagoda na thuras pearsanta tro Bhietnam - an dùthaich, an cogadh agus am mòr-sgrios a tha an lùib an fhacail seo ann an cuimhne Ameireagaidh. Bheir briathran Susan a Bhietnam sinn is nì iad fiosrach sinn air gach buaireas is gluasad-inntinn a tha co-cheangailte ris an dùthaich sin.
Bidh Meg Bateman a' leughadh à Soirbheas: Fair Wind, an treasa leabhar aice (ris an robhar a' feitheamh le fadachd). Tha ainm aice a bhith a' sgrìobhadh dhàn a tha dlùth-aireach, pearsanta agus bheir na dàin a dh'inntinn an t-sàir bhàird seo sinn. Tha i fhèin ag ràdh, is i a' measadh nan dàn ùra, gu bheil iad "nas fheallsanachail, ach leis an aon dian fhaireachdainn, air an cumail teann le rian clasaigeach".
Rugadh Maoilios Caimbeul ann an Stafainn agus bha e greis dhe latha san Eilean Sgitheanach, ann an Leòdhas is am Muile. Seo a' chiad chothrom againn air obair a chluinntinn on àm a chuir e seachad mar sgrìobhadair muintearas ann an Àrd-Sgoil a' Phluic. Am measg sin tha a fhreagairt dhan dàn, Gaoir na h-Eòrpa, aig Somhairle MacGill-Eain, às a' chruinneachadh Dàin do Eimhir. Agus bidh earrannan eile aige à obair fhèin cuideachd, a choisinn cliù dha an iomadh dùthaich agus a nochd ann an clò thall 's a-bhos.
Cho math ri bhith a' faighinn air triùir bhàrd a chluinntinn air aon fheasgar, bidh cothrom ann air rudeigin a thoirt air ais. Thèid prothaid sam bith a nì an tachartas seo gu Scottish PEN, a tha na mheòir de dh'International PEN, co-chomann eadar-nàiseanta de sgrìobhadairean a tha a' dìon saorsa labhairt agus a' dèanamh iomairt às leth sgrìobhadairean air a bheil geur-leanmhainn ga dhèanamh air feadh an t-saoghail. Thèid fhàgail nur mèinn fhèin tabhartas a thoirt seachad mu choinneimh seo air an oidhche - 26 Ògmhios, 7.30f!
______________________________________________________________
An Cèilidh Shathairneach
A' chiad Disathairne sa mhìos, 7.30f
Cèilidhean mar a bha iad o thùs: daoine a' cruinneachadh gus sgeulachdan innse agus glainne no dhà a ghabhail. 'S e ar n-amas leigeil do fheadhainn tighinn còmhla gach Disathairne airson beagan dibhearsain - leughadh no seinn no aithris sgeulachdan dha chèile. Cuideachd, bidh cothrom ann do dhaoine a bhith a' leughadh ann am buidhinn, a bhith a' feuchainn air nòsan ùra is a dhol an ceann a chèile len cuid bheachdan is mholaidhean. Gheibhear tuilleadh a-mach aig info@antuireann.org.uk
