Sarah Naylor + Rachel Hair
various
(Disathairne 21 Iuchar)
Tha Rachel Hair, a tha na clàrsair, agus Sarah Naylor, a bhios a' cluiche na fìdhle, air dithis de na cluicheadairean tradaiseanta as fhèarr sa ghinealach aca fhèin. Rugadh is thogadh Rachel ann an Ulapul agus 's ann dhan Eilean Sgitheanach a bhuineas Sarah. Tha iad a-nis a' dol a-mach airson a' chiad uair air chuairt nan tìr fhèin. Sàr chothrom an dithis luchd-cluiche seo fhaicinn gun a dhol astar mòr gu Celtic Connections no na fèisean mòra eile aig an àbhaist dhaibh a bhith a' cluiche.
Cluichidh Sarah is Rachel greiseag leotha fhèin is an uair sin còmhla, cho math ri bhith a' cumail seisanan oideachaidh san Tuireann fhèin Disathairne 21 Iuchar. Nach tig sibh ann gus beagan ionnsachadh mu na h-innealan, no gus feuchainn orra, no dìreach gus ur cridhe a lasadh leis a' cheòl àlainn. Tha an dithis aca air cluiche fad is farsaing ann am Breatainn, agus thall-thairis cuideachd, agus tha iarraidh mhòr orra an-còmhnaidh mar luchd-oide aig Feisean nan Gaidheal.
Tha am measgachadh ioma-sheòrsach aig Rachel Hair, eadar ceòl na h-Alba 's na h-Èireann agus ceòl ùr, mar thoradh, gu ìre mhoir, air an ùine a chuir i seachad an lùib ceòl jazz, tradaiseanta, roc agus clasaigeach. Tha i air a bhith air a h-ainmeachadh mar thè den luchd-chiùil òga as ùr-ghnàthaiche a nochd o chionn ghoirid: "one of the most innovative young musicians to have emerged over the last few years" (The Irish Music Review)
Air dhi an duais ainmeil 2005 Glenfiddich Fiddle championship a ghleidheadh, tha Sarah Naylor aithnichte mar thè de shàr fhidhlearan na h-Alba. Tha an dà chuid inbhe agus misneachd sa chluiche aice, cho math ri spiorad is spionnadh. Chan eil Sarah na strainnsear air an àrd-ùrlar: tha i air nochdadh aig fèisean a leithid Fiddle 2006, Celtic Connections, agus Lorient Interceltique Festival sa Bhreatainn Bhig far an deach a mòr mholadh: "She performed a rewardingly varied mix of traditional material and classic compositions...displaying admirable control and assurance across the full gamut of pace and mood."**** Sue Wilson The Scotsman
Thigibh an cuideachd luchd a' chiùil greiseag gus còmhradh a dhèanamh riutha, no airson fois is furtachd on obair latha, no airson cuirm air leth nach eil a' dol a dh'fheuchainn na pòcaid aig £6. Clas-oide air an fhidhill aig 2f, a' chlàrsach aig 3.30f, agus a' chuirm fhèin aig 7.30f. Cuiribh fòn gu 01478 613306 airson tuilleadh fiosrachaidh no airson tiocaidean a ghleidheadh.
