Seo far a bheil sibh: dachaighgabh pairtsgoiltean

(2006 a-mach)

Rannsaich, cruthaich...

Cothrom do sgoiltean an Eilein is Loch Aillse pàirt a ghabhail ann am pròiseact mòr annasach do Bhliadhna Cultar na Gàidhealtachd.

Seallaidh am pròiseact ionnsachaidh ealain THAR CHRÌOCHAN air a' cheangal eadar na h-ealain lèirsinneach is ceòl. Gheibh sgoilearan air obair ealain shònraichte a chruthachadh stèidhichte air fuaim is fradharc còmhla ri Neach-sgrìobhaidh Ciùil san Nòs Ùr, Neach-ealain anns na h-Ealain Lèirsinneach is Luchd-ealain ag obair ann am meadhanan eile (m.e.: dannsa, snaigheadaireachd, bhideo, meadhanan ùra).

Tha grunnan sgoiltean air pàirt a ghabhail sa chiad earrainn den phròiseact, stèidhichte air cruthachadh a-mhàin. An lùib seo tha sgoilearan air earrannan ciùil a sgrìobhadh fo stiùireadh an neach-chiùil Marc Hewitt. À sin Chaidh iad air adhart gu obair còmhla ri luchd-ciùil phroifeiseanta a dh'ullaich an ceòl, a cluich e, is a chuir fo gheasaibh na bha san èisteachd aig Sreath Chuirmean-ciùil Clasaigeach aig an Tuireann.

"An Soundcube"

Faighibh tuilleadh a-mach mun phròiseact Ealain is Chiùil seo, mu ar taisbeanaidhean, mu chothroman do sgoiltean, no cuiribh tadhal sgoile air dòigh le fios a leigeil do: Kath NicLeòid